Thèid Seachdain na Gàidhlig 2025 a chumail eadar an 23mh latha dhen Ghearran is an 1 latha dhen Mhàrt, a’ comharradh cuspair na bliadhna, ‘Cleachd i no caill i’. Seo dhut stiùireadh beag a chuidicheas thu le bhith a’ planadh is a’ brosnachadh an tachartais agad gu soirbheachail is chan eil e gu diofar an d’fhuair thu airgead uainn no ga ruith air do cheann fhèin.
📆 Dèan plana dhan tachartas agad
📸 Susbaint lèirsinneach
📝 Brathan-naidheachd
Tha brath-naidheachd na phìos sgrìobhte goirid is tarraingeach a bheir prìomh fhiosrachadh mun tachartas agad dha na naidheachdan. Bidh e nas fhasa mar sin am facal a sgaoileadh sna pàipearan-naidheachd ionadail, stèiseanan rèidio, foillseachaidhean air loidhne agus am measg bhuidhnean coimhearsnachd airson ’s gum bi fios aig barrachd dhaoine mun tachartas agad. Sgrìobh e air dòigh a dh’innseas dè tha sònraichte mun tachartas agad agus carson a bhiodh e inntinneach do mhuinntir an àite. Cleachd cainnt a tha soilleir cuimir a thàlaidheas daoine thuige!
Ma tha feum agad air taic a thaobh brath-naidheachd a chruthachadh, nach cuir thu fios thugainn aig [email protected] agus nì sinn ar dìcheall do chuideachadh.
📢 Gliocasan mu na meadhanan sòisealta